Search -
Gealach An Fhais: Ur Bheothachadh Na Gaidhlig (A Waxing Moon - Gaelic Edition)
Gealach An Fhais Ur Bheothachadh Na Gaidhlig - A Waxing Moon - Gaelic Edition Author:Roger Hutchinson Bho chionn deich bliadhna fichead, bha canan agus cultar na Gaidhlig, a bha air a bhith iomraiteach ann an Alba airson 1,300 bliadhna, a reir coltais ann an ceumannan deireannach crionadh basmhor a mhair 200 bliadhna. Bha an aireamh de dhaoine a bhruidhinneadh Gaidhlig ann an Alba air tuiteam deich uiread thairis air an linn a chaidh roimhe. Cha... more » robh an canan fhein cumanta ach amhain ann an coimhearsnachdan sgapte ceann an iar-thuath na Gaidhealtachd agus Innse Gall. Ro bhliadhnaichean tratha na ciad linne thar fhichead, ge-ta, bha atharrachadh mara air tighinn. Theireadh cuid gun robh a' Ghaidhlig - a bha na cuspair magaidh is naimhdeis airson uineachan - a-nise 'fasanta'. Bha obraichean Gaidhlig rim faotainn; chaidh foghlam tro mheadhan na Gaidhlig a steidheachadh ann an iomadh aite; agus chunnaic luchd-poileataigs agus luchd-gniomhachais gun robh buannachdan an luib a bhith cairdeil ris a' chultar. Ged a bha aireamh luchd-labhairt na Gaidhlig a' sior thuiteam agus seann daoine a' caochladh, dh'fhas an crionadh na bu mhaille, agus airson a' chiad uair ann an 100 bliadhna, thoisich ardachadh co-roinneil a' tighinn air an aireamh de dhaoine oga as a' cheud a bha a' cleachdadh a' chanain. B' e seorsa de dh'ath-bheothachadh a bha anns na thachair: ath-bheothachadh Gaidhlig a dh'fhoillsich e fhein ann an ceol pop, litreachas, ealain, bardachd, foillseachadh, drama, reidio agus telebhisean. B' e miorbhail annasach a bh' ann ris nach robh duil. Agus aig cridhe a' ghluasaid sin, bha foghlam. Gealach an Fhais ag innse sgeulachd aon ionaid, Sabhal Mor Ostaig, a' cholaiste Ghaidhlig san Eilean Sgitheanach a tha air a bhith aig teis-meadhain an dusgaidh seo. Ach, thar gach rud, tha an leabhar a' mion-sgrudadh mar a thugadh dochas airson an ama ri teachd do chultar urramach aig am nuair a shaoilear gun robh gach ni caillte. Tha e ag innse mu na ficheadan de phearsaichean, bho Shomhairle MacGill-Eain agus Runrig gu Micheal Forsyth agus Gordan MacGilleDhuinn, a tha air compairt a ghabhail san iomairt seo. Sgrudail, naidheachdail agus le cuideam air caractaran, 's e seanchas de dhualchas air a shabhaladh bho neo-aire agus eu-dochas a tha ann an Gealach an Fhais. Tha cunntasan ann mu charactaran a bharrachd air ionadan, agus tha e ag innse sgeulachd a tha a' buntainn ri Alba air fad agus an RA san am ri teachd, agus as bith de na mion-chananan a tha a' cur an aghaidh air an t-saoghal nodha.« less